[Evertype]  Dùileach: Elemental Home
 
 

Dùileach: Elemental

Dùileach

By Marcas Mac an Tuairneir

First edition, 2021. Dundee: Evertype. ISBN 978-1-78201-273-3 (paperback).

Click on the book cover on the right to order this book from Amazon.co.uk!

Or if you are in North America, order the book from Amazon.com!


Liath-sholas
’S sibh rinn sgleò de na
rionnagan romham a-nochd,
agus mi gam chrochadh ann am
pronnag phlanaidean a’ co-bhualadh:
cabhsair boillsg ann an earball-rèile, a thug
mise, dìon, gu tìr, air saoghal-aisling is balgach
na neòil-cheiridh de lainnir a’ teannachadh umam,
thog mi mo làmhan ’s iad ri dannsadh an liath-sholais.
  Lilac-light
It was you, tonight, who
blurred the stars, before me,
and I, suspended in the fall-out
of the planets colliding: a causeway
in a comet’s wake, it beamed me, clean,
upon utopia and cirrus sparkling all around
me, I raised my hands, dancing in that lilac-light.

’S e Dùileach: Elemental an treas co-chruinneachadh aig a’ bhàird chliùiteach Marcas Mac an Tuairneir a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann is a tha air iomadh duais a chosnadh. Tha na dàin, air an cruthachadh is cruinneachadh rè greis stainge, an dà chuid pearsanta is cruthachail, aig a’ cheann thall is nam measg, tha am bàrd a’ dèanamh luaidh air farsaingeachd a chuid dearbh-aithne, a’ toirt a-steach cuspairean LGDTC, diaspora, beatha sa bhaile mhòr agus iomadachd nuadh air saoghal na Gàidhlig. Làn den sgrìobhadh aidmheileachd as aithne do luchd-leughaidh aige, bheir an co-chruinneachadh seo crìoch air sreath de thrì leabhraichean, air an tòiseachadh leis na co-chruinneachaidhean, Deò is Lus na Tùise, a chaidh fhoillseachadh mu thràth. Bheir an leabhar a-steach dàin air an sgrìobhadh sa Ghàidhlig Albannaich, le fèin-eadar-theangachaidhean sa Bheurla agus eadar-theangachaidhean eile, sa Ghàidhlig Èireannaich, le caraid is co-obraiche Mhic an Tuairneir, am bàrd Sam Ó Fearraigh, à Dùn nan Gall.

 

Dùileach: Elemental is the third collection from the critically acclaimed and award-winning Edinburgh-based poet Marcas Mac an Tuairneir. The poems, crafted during a period of intense upheaval, both personal and ultimately creative, reflect the poet’s myriad identities, including LGBTQ themes, as well as those of diaspora, the urban and Gaeldom’s emergent cosmopolitanism. Characterized by Mac an Tuairneir’s confessional style, the collection is the culmination of a triad of volumes, begun with previous publications Deò and Lus na Tùise. The volume includes original Scottish Gaelic poems and songs, with self-translations into English and translations into Irish, by Mac an Tuairneir’s friend and collaborator, the Donegal-based poet Sam Ó Fearraigh.


 
HTML Michael Everson, Evertype, 19A Corso Street, DD2 1DR, Scotland, 2021-05-09

Copyright ©1993-2020 Evertype. All Rights Reserved